Tha an rathad fada gu saorsa a-nis a’ dol tron Roinn Eòrpa

AN TRIOP mu dheireadh a shuidh mi sìos a sgrìobhadh dhan duilleig seo, bha e seachd uairean sa mhadainn agus bha mi dìreach air tilleadh bho thachartasan an Reifrinn. Bha mi leth-chuid marbh agus leth-chuid gun chreidsinn. Shaoil mi – shaoil tòrr – gum buannaicheadh sinn – gum faigheamaid neo-eisimeileachd an latha brèagha sin fhéin. Chuir mi bhuam am pìos, agus thug mi mo leabaidh orm. Dhùisg mi feasgar ris an naidheachd gun do leig Ailig Salmond seachad a dhreuchd.

Cha tainig stad air an drip bhon uair sin. Thòisich Gordon Brown athchuinge gus iarraidh air an riaghaltas cumail ris a’ ghealladh a rinn e fhéin (eh?!). Dh’fhàs ballrachd a’ Phàrtaidh Nàiseanta gu h-obann bho 25,000 gu còrr agus 80,000. Fhuair Nicola Sturgeon obair Ailig agus thòisich co-fharpais air son dreuchd fo-cheannaird (ceann-latha bhòtaidh Di-Ciadain sa tighinn). Sheas Seonag NicLadhmainn sìos mar cheann Labair an Alba agus có stob a cheann suas ach Jim Murphy.

Dh’inns mi do dheasaiche na duilleig seo an uair sin nach fhaod mi dad a sgrìobhadh tràth air eagal ’s gun atharraicheadh a h-uile rud an ath mhionaid. Thuirt e nach tachradh móran eile a-nis. Chuir mi a’ fón sìos agus leugh mi a’s a’ bhad gun robh Anas Sarwar, fo-cheannard nan Labarach, dìreach air a dhreuchd-san a leigeil seachad cuideachd.

A-nis tha na pólaichean ag ràdh gum buannaich am Pàrtaidh Nàiseanta a h-uile rud (aidh, fiùs Strictly), a’ fàgail Làbair air chùl mar fhuigheall truagh. Tha làn fhéis a’ dol air taobh YES, agus sabaid ghrànda a’ bristeadh a-mach am measg nan Làbarach. Tha Alasdair Darling, an truaghan, a’ feuchainn ri’n cuimhneachadh gur iad a bhuannaich, ach chan eil duine ag éisteachd ris. Saoil dé an sloinneadh a tha e ag iarraidh mar mhorair.

Tha tòrr dhaoine a’ faighneachd cuin a gheibh neo-eisimeileachd cothrom eile. Tha spiorad air éirigh, spiorad brèagha dòchasach, daoine nach eil air son an guth ùr aca a chall a-rithist. Ach ’s truagh a ràdh, tha mi ga fhaotainn beagan mì-onarach san fharsaingeachd refreann eile a phutadh ann an ùine ghoirid. Chaill sinn. Sin an fhìrinn. Chaill sinn.

“Nam b’ urra tu bhótadh ann an reifreann an-diugh, am bhótadh tu air son neo-eisimeileachd?” tha na pollstairean a’ faighneachd. “Bhótadh,” tha 52 ás a’ cheud ag ràdh, a-réir coltais. Aidh. Bu Chòir. Ro anmoch a-nist, a charaid.

’Nam bruadairean, tha mi a’ creidsinn gu bheil a’ mhórchuid ag iarraidh neo-eisimeileachd. ’Nan cridheannan, thà. Ach chuir inneal mór na Stàite eagal orra. Chuir smuaint an atharrachaidh mhóir eagal orra.

Sin far a bheil e a’ fàs inntinneach. Ann an Sasainn, tha UKIP a’ fàs. Le cuideachadh nam meadhanan tha Nigel Farage a’ suidheachadh agenda a’ Phrìomh Mhinisteir, Dàibhidh Camshron – agenda cho fada deas ’s gu bheil e gam fhàgail a’ faireachdainn salach. Shaoileadh tu gu bheil an Camshronach ag iarraidh a-mach ás an Roinn Eòrpa, mar a tha e déiligeadh ri Angela Merkel ’s an còrr. Leis an fhìrinn innse, chan eil, ach sin an rathad a tha e a’ siubhal a-nis, agus cha chuireadh e iongnadh idir orm nan togadh Eurosceptics an cumhachd an-athbhliadhn’, aig àm taghaidh Westminster, leithid Boris Johnson agus Nigel Farage fhéin.

A-nis. Có an t-atharrachadh mór a chuireadh eagal air Albannaich an uair sin? Gu h-obann, bidh cunnart mór ann gum fàg sinn an t-Aonadh Eòrpach. Fìor chunnart. Gum fàg sinn ged a bhótadh sinn a dh’fhuireachd a-staigh. Cha téid an guth againn a chluinntinn. Théid ar reubadh a-mach an aghaidh ar toil (ma chreideas tu na polls a tha a’ sealltainn gu bheil 57 ás a’ cheud de dh’Albannaich a’ toirt taic ris an AE, an coimeas ri dìreach 37 ás a’ cheud air feadh na Rìoghachd Aonaichte).

Sann an uair sin a bhios adhbhar làidir againn ceist na neo-eisimeileachd a thogail a-rithist. Mar a chanas Sturgeon, thuirt muinntir “Cha Bu Chòir” gur e family of nations a bh’ annainn. Ma tha sin fìor, mas e rìoghachd feadarail a th’ annainn, feumaidh gach nàisean anns an rìoghachd aontachadh mus fàg sinn an AE. Ma thuiteas an suidheachadh sin ás a-cheile, bith rudan air atharrachadh. Bhiodh e onarach gu leòr an uair sin a’ cheist mhór fhaighneachd a-rithist.

Chan eil teagamh agam gun tig neo-eisimeileachd, ach cuin? Co aige tha fios. Nuair a thig an ath chothrom, tha amharas agam gum bi sinn a-mach ás an AE mar-thà, le spògan nan racists mu dheas air salachar fhàgail oirnn. Bidh brochan mór againn ri ghlanadh suas, agus faighnichidh sinn dhuinn fhìn, dé dìreach a bha cho eagallach san t-Sultain 2014?

Facal mu dheireadh mu thaghadh iar-cheannard an SNP, a théid a chumail Di-Haoine. A-nise ’s gun do rinn Salmond fuaimean mu thilleadh gu Westminster, sin deireadh cothrom Stewart Hosie MP. Le taic cuid mhór de na BPhA, tha e gu math coltach gum faigh Keith Brown e, ach ma théid Angela Constance a thaghadh, tha i air a dhèanamh soilleir gum fàg i dreuchd an Iar-Phrìomh-Mhinisteir aig cuideigin eile. Agus mar sin, faodaidh e tachairt gum faigh sinn an dà chuid Constance agus Brown aig deireadh an latha.


Catrìona Black, The Scotsman 08.11.2014