Air Iomlaid
5 Òg-mhios gu 25 Iuchair, Sabhal Mór Ostaig

'S tric a chluinneas tu, aig taisbeanadh ealain an latha an diugh, cuideigin ag rath fo anail, “b’urrainn do mo phàisde-se sin a dheanamh”. Ach chan ann tric a chanadh tu, aig taisbeanadh ealain chloinne, gu bheil e ceart cho math ri dad a chunna tu riamh bho peintear phroifeiseanta.

Ach se sin dìreach a tha daoine ag rath mu dheidhinn “Air Iomlaid”, taisbeanadh a chuir clann Bun-sgoil Shléite ri-chéile, còmhla ri clann Bun-sgoil Chrois na Cìse ann an Dùn-Éideann. Chaidh e a shealltainn mar tha aig a Fruitmarket Gallery ann an Dùn Éideann, far am faicear mar is trice an seòrsa ealain a bhuannachas Prìs Turner.

A’ fosgladh Di-Sathairne ‘s a tighinn aig Sabhal Mór Ostaig, rug Air Iomlaid ann an inntinn Julie Brook a Shléite fhéin. Tha an neach-ealain (a tha air Gàidhlig a ionnsachadh) air a bhith leasachadh dòigh-obrach sònraichte fad fichead bliadhna, a tha a’ toirt brosnachadh do chlann na tàlantan aca fhéin an lorg agus an neartachadh. Nach i a rinn sin.

Aig cridhe an taisbeanadh tha ceithir dealbhan mòra gual-fhiodha, a chaidh obrachadh suas bho na leabhraichean-obrach fa leth aig na chloinne. Tha dà shealladh den Eilean Sgitheathanach ainn, agus dà de Dhùn-Éideann. Se geama-thomhais inntinneach a th’ann obrachadh a-mach có rinn có an dealbh.

Se am freagairt gu bheil an Dùn Éideann sgiobalta mionaideach le chlann Chrois na Cìse, a fhuair Eilean Sgitheanach na àite àrd, dorcha, fiadhaich, aonaranach. A-réir Brook, cha robh cuid de na clann as a’ bhaile mhór a’tuigsinn dath mus do ruig iad an Eilean. Cho luath sa thòisich iad a’peantadh am measg nam beinn, thainig dathan agus saorsa a-steach don ealain aca.

Bha pailteas saorsa aig na clann bho Shléite, ach bha duilidheadasan aig cuid a thaobh cruth, agus co-àite. Nuair a thaghail iad iar Dùn-Éideann tha thu faicinn na sràidean a’ tuiteam far a chéile, ann am baile eagalach, mì-riaghailteach. Air an laimh eile tha an t-Eilean aig na clann Sgitheanaich làn taighean, sràidean agus beatha an coimeas an àite romansach aig na “townies”.

Mus tàinig na dealbhan móra, bha mìosan de ionnsachadh mionaideach aig na clann, anns na saoghail aca fhéin. Tha thu faicinn tàlant a’ sileadh far duileagan na leabharaichean-obrach aca, ann an dathan neartmhor, roghainntean-seallaidh abaiche, agus fior thoileachas nan stuthan.

Bith Brook a’ cantainn gur e a’ mhiann aice-se deanamh cinnteach gum fàs na clann “fud” mar luchd-ealainn. Rinn i a cuid obrach. Nan romh Olympics nan dealbh ann, gheibeadh iad am bonn-òr.


Catrìona Black, The Scotsman, 29.05.10