Sgannal nan companaidhean a tha a’ creachadh nan Gaidheal

ANN am bliadhna nuair nach eil dà sgillinn ruadh aig tòrr dhaoine ri suathadh ri chéile, tha Nollaig a’ fàs eagalach faisg. Do mhuinntir na Gaidhealtachd, chan e prìs nan tiodhlaicean a-mhàin a tha cur eagal orra, ach cuideachd na cosgaisean àrda lìbhrigidh a thig cho tric ’nan cois.

Ach tha na Gaidhil a’ sabaid air ais. Anns na seachdainean ri teachd bidh cùisean a’ fàs gu math mi-chomhartail dha na companaidhean as miosa, ’s iad air am bruthadh gu cruaidh le Citizens Advice Scotland, le Comhairle nan Gaidhealtachd, agus le buill phàrlamaid ionadail, a tha uile a’ faireachdainn glé làidir mun chùis.

Cha b’ urrainn do dh’Alasdair Allan BPA a chluasan a chreidsinn nuair thàinig Pam NicSuain á Nis, a tha ’na h-oide lùthchleasan, a dh’innse dha mu na runway markers beaga a bha a dhìth oirre. Seo na rudan ceart air son puing shònraichte a chomharrachadh air an lorg-ruithe. Ged nach robh iad ach £8, b’e £19 a dh’iarr bùth Lunnainneach oirre son ceithir latha le Parcelforce, neo £48 (gun luaidh air Fuel Surcharge agus VAT) le TNT. “Bha mi air m’ uabhasachadh ’s air mo leagail leis na prìsean,” arsa NicSuain, “ach mar chuir iad fhéin air shùilean dhomh, b’e na companaidhean parsail ’s cha b’e iad fhéin a shuidhich na cosgaisean.

“Thuirt mi gun lean mi a’ cleachdadh bròg no botal bùirn, tha iad tòrr nas saoire.”

Bidh Allan a’ cluinntinn sgeulachdan mar seo gu math tric, ’s tha iad a’ cur a’ chaothaich air. “Tha tradisean fada sna h-eileanan,” ars esan, “a bhith ceannachd bho na catalogues, no air loidhne an-diugh. Ach tha sin a’ crochadh air a’ Mhèile Rìoghail. Ma bhios companaidhean an aghaidh am post a chleachdadh, tha sin a’ fagail tòrr dhaoine ann an staing.

“Bho àm gu àm tha companaidhean ag ràdh rudan mar ‘chan eil sinn a’ liubhairt ach anns an Rìoghachd Aonaichte’, neo eadhan nach eil còd puist sam bith a’ tòiseachadh le ‘HS’ ann am Breatainn idir. Tha mise air a bhith sgrìobhadh gu tòrr chompanaidhean, a’ faighneachd car son a tha iad a’ tionndadh daoine sìos san dòigh seo.”

Is math dh’fhaoidte gur e gnìomhachasan beaga tha fulang a’ chron as motha. Sin a fhuair Ruairidh MacAoidh a-mach nuair a ghluais e an companaidh clò-bhualaidh aige dhachaigh bho Ghlaschu gu Beinn nam Fadhla. “Se postachd an t-uallach as motha a th’ oirnn,” ars esan. “Tha a’ mhórchuid den luchd-solair mór a’ cleachdadh seirbheisean courier a-mhàin agus mar sin bidh mi tric a’ feitheamh dà sheachdain ri rudeigin a bha mi air fhaighinn an-asgaidh nan robh mi fhathast a’ priontadh air tir-mór.

“O chionn ghoirid dh’òrdaich mi inneal ùr a dhèanadh soidhnichean agus priontaichean làn-dath. Thuirt iad gun cosgadh e £1,650 + VAT a lìbhrigeadh. Fhuair mi bhan air màl, dhràibh mi gu Newcastle, thog mi e ’s dhràibh mi air ais dhan eilean. Uile gu léir chosg e mu £300.

“Tha mi cur a-mach mu £150 neo £200 a-nist air postachd a h-uile seachdain son seirbheis a bha mi faighinn an-asgaidh roimhe, ach thathar a’ coimhead air na h-Eileanan an-Iar mar ‘thall thairis’ a réir choltais.”

Tha Citizens Advice Scotland dìreach air crìoch a chur air rannsachadh air a’ chuspair, ’s bidh an athaisg a-mach ann am beagan làithean. Thòisich e le Angela Murphy, a tha ag obair pàirt-ùine san oifis Sgitheanaich aca. “Bha mi air m’ uabhasachadh riamh mu na prìsean liubhairt a tha cuid a chompanaidhean ag iarraidh air custamairean dùthchail,” arsa Murphy. “Mar sin, shaoil mi gum bu chòir dhuinn suirbhidh a dhèanamh aig a’ bhiùro, gus leigeil le daoine innse ’nam faclan fhéin co ris a bha e coltach nuair bha cus airgid air iarraidh orra.

“An toiseach rinn sinn an suirbhidh san sgìr againn fhìn an-seo. Ach bha na freagairtean a fhuair sinn cho làidir ’s gun do thuig sinn gun robh sinn air bualadh air ceist a bha anabarrach mór ’s a bha togail an t-uabhas corraich.”

Sgaoil an suirbhidh air feadh Alba, ’s fhuaras 850 freagairt uile gu léir. A réir Susan Nic-a-Phì, Ceann Poileasaidh CAS, tharraing e ùidh bu mhotha na fhuair iad riamh roimhe ’na leithid. “Se freagairt air leth leth math a bh’ ann,” arsa Nic a Phì. “Tha tòrr den fhianais fìor làidir. Ghlac e mac-meanmna dhaoine sna diofar sgìrean.”

Tha Comhairle nan Gaidhealtachd an sàs ann cuideachd. Tha an roinn Ìrean Malairt aca air suirbhidh air-loidhne a chur air dòigh. Tha iad an dòchas an fheadhainn a tha a’ bristeadh an lagh a ghlacadh. “Faodaidh cosgaisean liubhairt gu na ceàrnan as iomallaiche den RA a bhith nas àirde,” arsa neach-labhairt on Chomhairle, “agus chan eil e mì-laghail do ghnìomhachasan iarraidh air custamairean cosgaisean reusanta a bharrachd a phàigheadh a réir càite bheil iad a’ fuireach. Ach chan fhaod iad cumail a-mach, mar eisimpleir, gu bheil ‘Lìbhrigeadh an-Asgaidh san RA’ nuair tha iad a’ cur chosgaisean falaichte a bharrachd an sàs air Ghaidhealtachd.

“Nuair gheibh sinn a-mach gun deach lagh a bhristeadh tha cumhachdan againn ri’n cur an sàs. Cleachdaidh sinn na cùirtean anns a’ cheann thall ma dh’fheumas sinn, ach mar as trice is fheàrr leinn gnìomhachasan a bhrosnachadh gus na cleachdaidhean aca atharrachadh a réir iarrtasan an lagh.”


Catrìona Black, The Scotsman10.12.11