th’ann le boireannaich?

’S tric a chluinneas tu gu bheil cuid mhór de bhoireannaich fhathast teagmhach co-dhiùbh chanas iad “Tha” neo “Chan eil” anns an Reifreann. Thathar a’ cantainn gu bheil boireannaich mar as trice risk averse. An e dòigh eile tha sin air cantainn gu bheil eagal air na caileagan beaga bochda? Hmm. Tha theory eile agamsa.

An cuala tu riamh mun “Imposter Syndrome”? Tha rannsachadh air sealltainn gu bheil tòrr bhoireannach a’ dol dhan obair gach latha ’s iad a’ creidsinn nach eil iad suas ris. Tha iad beò ann an eagal gun téid an glacadh, aon latha, mar imposter aig nach eil na comasan a tha a dhìth. Thuirt fiùs Maya Angelou, an t-ùghdar ainmeil, nuair a bha i air 11 leabhar a sgrìobhadh, “le gach leabhar bidh mi smaointinn, ‘Uh oh, tha iad a’ dol gam fhaighinn a-mach a-nis’.”

Sin mar a théid tòrr chaileagan a thogail. Agus gu dearbh fhéin, tòrr Albannaich san fharsainneachd.

Mar sin, nuair a chanas na daoine spaideil anns na deiseannan daora nach eil sinn comasach, mar dhùthaich, air ar cùisean fhìn a ruith, creididh cuid e. Tha sinn air a bhith fo spòg Westminster fada gu leòr, agus iadsan – dearg neo gorm – a’ cur a-mach àireamhan lùibte gach bliadhna gus innse dhuinn gu bheil sinn an eisimeil orrasan son a h-uile rud a th’ againn. ’S iad a’ leantainn air dòighean nam morairean nach fhaca luach idir anns na Gaidhil, gam breabadh a-mach air son prothaid a dhèanamh.

’S dòcha gu bheil e doirbh do chuid, mar sin, am misneachd a lorg air ais, 300 bliadhna on a bha cumhachdan àbhaisteach aig an dùthaich bhig bhrèagha tha seo. Chan eil mi a’ creidsinn gur e ceist currency a tha cur stad orrasan a tha teagmhach – ach ceist féin-mhisneachd. Tha e eagalach cho goirid ’s a th’ aca a-nis gus an inntinn a dhèanamh suas.

A thaobh nan cunnartan: leis an fhìrinn innse, tha mi beagan risk-averse. Chan eil mi ag iarraidh an risk a ghabhail gum fuirich Alba fo spòg Cameron ’s a leithid agus gun reub iad a-mach ás an Roinn Eòrpa sinn. Chan eil mi air son an risk a ghabhail gun can sinn “Chan eil” agus gun téid ar peanasadh, a thaobh airgid agus cumhachdan ar pàrlamaid. Chan eil mi airson an risk a ghabhail gum fuirich sinn còmhla riutha ’s gun cuir iad as dhan Human Rights Act, air sgàth ’s gu bheil barrrachd spéis aca fiùs an-diugh do dh’airgead na do dhaoine.


Catrìona Black, The Scotsman 23.08.2014