Di-Haoine dhubh na dunaidh – ‘bha sibh gaisgeil, a chàirdean’

2014  THA e seachd uairean sa mhadainn ’s tha mi ’nam shuidhe an seo a’ coimhead air botal uisge beatha. Tha mi air a bhith air mo chois fad ceithir uairean fichead a thìde a-nis. Thòisich mi an latha an-dé, Diar-Daoin, ’na mo sheasamh air beulaibh stéiseanan polaidh an Dùn Éideann, fad uairean a thìde a’ cur fàilte air na ceudan de dhaoine. Bheireadh iad gàire mór pròiseil dhomh, agus mi ann an léine-T “BU CHÒIR”. Bha cuid aca òg fhéin, agus loma-làn dòchais air son an àm ri teachd.

Thug mi seachad cuid eile den latha a’ gnogadh dhorsan sna pàirtean as bochda dhen bhaile. Seann dùthaich nan Làb arach. ’S gann gun do thachair mi ri duine nach robh a’ cur an taice ri “Bu Chòir”. Cha robh na nàbaidheachdan seo dìreach ag iarraidh atharrachadh. Bha iad ga dhìth gu mór. Bha iad a’ tuigsinn gur e seo a’ chiad chothrom a bh’ aca riamh diofar ciallach a dheanamh leis na bhòtaichean aca.

Fiùs mus do dhùin na stéiseanan pólaidh bha mi aig Ingliston far an robh an cunnt nàiseanta ga chumail. Dh’fhosgail iad na bogsaichean agus thòisich sinn a’ cumail sùil gheur air na bha taomadh a-mach asta. Cha tug e idir fada mun do dh’ionnsaich sinn nach robh cùisean idir a’ dol mar a bha dùil.

Aig cairteal an déidh trì thòisich mi a’ caoineadh. Bha aig mo chompàirtichean ri mo chuartachadh air eagal ’s gum faiceadh na camaras mi. Aig ceithir uairean, fada mus tàinig a’ mhórchuid de na results a-steach, dh’fhàg tòrr againn an cunnt a dheanamh air Dynamic Earth. Ann a-sin bha beagan dìomhaireachd againn bho shùilean an t-saoghail.

Shuidh mi sìos còmhla ri seann charaid, chief stragetist “Bu Chòir”. Chuimhnich sinn na làithean ann an 1992 a bhiomaid a’ ruith mun cuairt sràidean Dhùn Éideann a’ sreap statues agus feansaichean a chrochadh postairean “Scotland Demands Democracy” orra. Cha tug an Riaghaltas aire. Cha robh sinn air a chreidsinn an uair sin cho luath ’s a thigeadh làn reifreann, agus gun cuireadh 45 ás a’ cheud de dh’Albannaich an crois ri taobh neo-eisimeileachd.

Nochd Ailig Salmond aig sia, agus thug e seachad òraid ghràsmhor, urramach, uasal. Cha do bhuannaich sinn, ach tha mi a’ creidsinn gun do rinn sinn glé mhath, agus spòg an establishment a’ druideadh sìos oirnn.

Thig cothrom eile uaireigin, ach san eadar-àm, dé nì na càirdean againn bho na council estates? Iadsan a bha deiseil air son adh artas, iadsan a chaidh an leigeil sìos? Tha mi a’ dòrtadh drama beag, agus tha mi a’ togail deoch shlàinte riuthasan. Bha sibh gaisgeil a chàirdean. Bha earbsa agaibh annainn, agus bha earbsa againn annaibhse. Tha mi dìreach duilich nach do rinn sinn dhuibh an-diugh e.


Catrìona Black, The Scotsman 20.09.2014